Gealic Version Of The Mcintyre Song
Gealic Version
Gabhaidh Sinn An Rathad Mór[Séisd:]
Gabhaidh sinn an rathad mór,
Gabhaidh sinn an rathad mór,
Gabhaidh sinn an rathad mór,
Olc air mhath le càch e.
Chorus
Olc air mhath le Cloinn-an-t-saoir,
Olc air mhath le Cloinn-an-t-saoir,
Olc air mhath le Cloinn-an-t-saoir,
‘S bodaich mhaol an làgain.
Gu Mac-’ic-Alasdair ‘s Lochial,
Bidh iad leinn mar bha iad riamh,
‘S Fear-na-Ceapaich mar ar miann,
Olc air mhath le càch siud.
Thig Cloinn-’Phearsoin, feachd nam buadh,
‘S thig Cloinn-Choinnich o’n Taobh-tuath,
‘S mairg an dream do’n nochd iad fuath
Nuair dh’éireas gruaim nam blàr orr’!
Thig Clann Ghriogair, garg ‘san strì,
Stiùbhartaich -- ‘s iad sluagh an Rìgh.
Meàrsaibh uallach: suas i ‘phìob --
Olc air mhath le càch e.
No comments:
Post a Comment